Sigmund Freud
'S e teiripiche-inntinn Ostairech Iùdhach a bha ann an Sigmund Freud (ainm slàn: Sigismund Schlomo Freud, Freiberg am Mähren 6 an Cèitean 1856 – Lunnainn 23 an t-Sultain 1939).
Rugadh e ann am Freiberg am Mähren ann an Ostair-Ungaire (Příbor anns an t-Seic anns an latha an-diugh). Bha e na oileanach aig Oilthigh Vienna, agus dh'obraich e ann as dèidh sin gus 1938, nuair a bha aige ri teicheadh air na Nàsaich. Chaochail e an ath bhliadhna ann an Lunnainn.
Chuir e air bhonn psychoanalysis agus bha ùidh mhòr aige ann an neo-mhothachadh agus bruadaran. Is às-san a thàinig am bun-bheachd de id, ego is super-ego. Anns a' chiad dol a-mach bha e gu math dlùth air Carl Gustav Jung ach chaill iad a-mach à chèile air sàilleabh 's gun do dh' fhàs na beachdan aca cho eadar-dhealaichte[1]: chuireadh Freud cuideam as motha air fonn-collaidh (libido), ach smaoinich Jung gu bheil togradh air cumhachd a cheart cho cudromach.
Ged nach eil daoine agus luchd-saidheans cho measail air psychoanalysis aig toiseach 21d linn ris na bha iad 100 no 50 bliadhna na bu thràithe, tha e cinnteach gum b' i ceum gu math cudromach ann an leasachadh leigheasadh tinneasan-inntinn, agus chithear a buaidh air meur an saidheans sin fhathast.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Freud vs Jung – Similarities and Differences. Ann an Harley Therapy; 20 dhen Ghearran 2014 (Beurla)